ɬ

A’ Chomhairle ag ùrachadh a’ phlana thaigheadais aca

 

Thathar an dùil còrr is 800 dachaigh ùr, a bhios ri fhaotainn aig prìs reusanta, a thogail san ath thrì bliadhna mar phàirt den Phlana Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadais (PIRT) aig a’ Chomhairle.

 

Bidh na dachaighean seo a bharrachd air na 91 a thathar an dùil a thogail ann an 2018/19 agus na 75 a chaidh a thogail ann an 2017/18.

 

Thèid na molaidhean ùra PIRT a chur gu Riaghaltas na h-Alba, le fios air an ionmhas a tha a’ Chomhairle an dùil a chosg aig ìre ro-innleachdail air dachaighean aig prìs reusanta thairis air còig bliadhna suas gu 2023/24.

 

Obraichidh sinn a-nis leis an Riaghaltas agus comainn thaigheadais ionadail gus na dachaighean seo a thogail.

 

Dh’aontaich an Riaghaltas ri airgead-seilbhe luach £51.6m mar thaic don phrògram seo suas gu deireadh a’ Mhàirt 2021.

 

Tha maoineachadh a bharrachd a dhìth gus a dhol còmhla ri airgead Riaghaltas na h-Alba, agus tha sin a’ gabhail a-steach airgead bho Mhaoin Taigheadais Ro-innleachdail na Comhairle, le £1.9m a’ tighinn bho sin gach bliadhna thairis air an ath thrì bliadhna.

 

Thuirt an Comhairliche Robin MacMhuirich, Ceann-Phoileasaidh airson Choimhearsnachdan, Taigheadais, Eileanan agus Gàidhlig: “Gus am bi Earra-Ghàidheal is Bòd a’ cumail a’ soirbheachadh san ùine air thoiseach oirnn, feumaidh sinn daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ gluasad an seo, a’ fuireach an seo agus ag obair an seo.

 

“’S e taighean aig prìs reusanta aon de na rudan as cudromaiche ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tarraing sinn agus gun glèidh sinn daoine agus luchd-obrach airson chompanaidhean ionadail.

 

“Thig tòrr bhuannachdan eile bhon phrògram lèirsinneach seo. Tha PIRT a’ dol a dhèanamh feum ann an iomadach dòigh, agus e a’ frithealadh air feumalachdan ionadail agus a’ cur ri targaidean nàiseanta.

 

“Bidh an roinn togail a’ cur airgead ris an eaconamaidh ionadail, agus thig obraichean a bharrachd mar thoradh air sin, a’ gabhail a-steach greisean preantasachd. Tha taigheadas math a’ cur ri slàinte is math dhaoine agus sin am measg iomadh buannachd eile a gheibh daoine bho bhith a’ fuireach ann an Earra-Ghàidheal.

 

“Thuirt sinn an-uiridh gun robh sinn gu math dòchasach gum b’ urrainn dhuinn bàrr a thoirt air na targaidean againn. Taobh a-staigh dìreach 12 mìos, tha an àireamh dhachaighean ùra a tha sinn an dùil a thogail air a dhol suas 250 a bharrachd.”

 

Gheibhear lethbhreac de PhIRT  air an làrach-lìn againn: http://bit.ly/ABC_LHS

 

To read this press release in English visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/2018/nov/council-updates-its-housing-plan

 

Please answer the following about your experience using this website, not about the service you received from the organisation

Were you happy with your visit to our website today?

Thank you for your feedback