ɬ

A’ Chomhairle A’ Dèanamh Adhartais Le A Plana Gàidhlig

Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid a’ dèanamh adhartais is i a’ lìbhrigeadh a Plana Gàidhlig.

Chaidh fios a chumail ri buill den Chomataidh air Seirbheisean Coimhearsnachd air an obair a rinneadh gu ruige seo leis a’ chomhairle agus a com-pàirtichean is iad a’ brosnachadh ìomhaigh na Gàidhlig agus a’ toirt ionnsachadh is cleachdadh na Gàidhlig am feabhas.

Thuirt an Comhairliche Robin MacMhuirich: “Tha mise fìor thoilichte leis an adhartas a th’ ann gu ruige seo airson builean a’ Phlana Ghàidhlig againn a choileanadh.

“Chaidh am plana seo a dhealbhadh a rèir Plana Nàiseanta na Gàidhlig, agus tha àireamh de ghnìomhan na chois a fhreagras ri feuman nan daoine, nam buidhnean is nan coimhearsnachdan far a bheil a’ Ghàidhlig fìor chudromach nam beatha làitheil.

“Tha a’ Ghàidhlig glè chudromach ann an eachdraidh Earra Ghàidheal is Bhòid agus tha sinn fhèin an geall air a’ Ghàidhlig a brosnachadh.”

To read this press release in English, visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/gaelic/2019/sep/council-makes-positive-progress-gaelic-language-plan

Please answer the following about your experience using this website, not about the service you received from the organisation

Were you happy with your visit to our website today?

Thank you for your feedback