ɬ

ADHARTAS MATH RI LINN 1140 UAIR DE CHÙRAM-CHLOINNE

Tha atharrachaidhean mòra air tachairt ann an sgoiltean is sgoiltean-àraich ann an Earra Ghàidheal is Bòid tro shaor-làithean an t-samhraidh agus a’ Chomhairle ag ullachadh airson 1140 uair de chùram-chloinne làn-mhaoinichte a chur an sàs ann an tuilleadh sgìrean.

Tha leudachadh cùraim-chloinne bho 600 uair gu 1140 uair mar phàirt de dh’iomairt Riaghaltas na h-Alba airson cùram aig ìre àrd a thoirt do dhaoine òga agus cuiridh e gu mòr ri an cuid àraich agus ri dùnadh a’ bheàrn coileanais co-cheangailte ri bochdainn.

Chaidh seòmar tràth-bhliadhnaichean ùr a chruthachadh aig Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich faisg air Dùn Omhain agus aig ionad Tràth-ionnsachaidh is Cùram-chloinne (ELC) Chàrdan Rois faisg air Baile Eilidh airson an t-àrdachadh seo anns na h-uairean a sholar.

Tha obair togail mhòr air a bhith a’ dol aig na h-ionadan ELC ann am Bun-sgoiltean Chàradal, Dhail Mhàilidh, Dhruim Lèamal, An Tairbeirt, Thigh na Bruaich agus Naomh Eòsaiph, agus tha Ionad Sgoil-àraich Cheann Loch Chille Chiarain air ionad ùr fhosgladh aig Aqualibrium.

Thuirt Ceannard Poileasaidh an Fhoghlaim aig Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid, Yvonne McNeilly: “Tha an leudachadh againn gu 1140 uair a’ dol air adhart gu math. Tha 52 de na h-ionadan ELC againn a’ tairgsinn nan uairean leudaichte a-nis agus tha an còrr a’ tighinn air adhart a-rèir a’ chlàir-ama.

“Tha an luchd-obrach againn anns na tràth-bhliadhnaichean air obrachadh gu cruaidh airson cumail ris na cinn-latha seo agus airson dèanamh cinnteach gu bheil an cùram seo aig ìre àrd airson ar cuid chloinne. Bha iad ag obrachadh gu dìcheallach le an co-obraichean ann an roinnean a’ bhidhe, sheirbheisean oighreachd, slàinte is sàbhailteachd agus le buill Choimisean a’ Chùraim airson seo a thoirt gu buil.

“Tha luchd-obrach air pàirt a ghabhail ann am measgachadh de thrèanadh air ionnsachadh sa bhlàr a-muigh cuideachd. Tha seo cudromach a chionn ‘s gun tèid 50% de dh’ionnsachadh ann an sgoiltean-àraich a dhèanamh sa bhlàr a-muigh bhon Lùnastal 2020.

“Bu thoigh leinn gum biodh bliadhnaichean tràth ar cuid chloinne is dhaoine òga cho math ‘s a ghabhas agus leis an obair inntinnich a tha a’ dol anns an t-seirbheis thràth-bhliadhnaichean againn, tha mi cinnteach gu bheil sinn fhèin a’ dèanamh ar dìchill gus an tachair sin.”

To read this press release in English, visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/2019/aug/positive-progress-1140-hours-childcare

Please answer the following about your experience using this website, not about the service you received from the organisation

Were you happy with your visit to our website today?

Thank you for your feedback