ɬ

A’ Chomhairle a’ dearbhadh mar a bheir i taic do cho-ionannachd

Chaidh diofar phrìomhachasan a stèidheachadh a tha a’ dèiligeadh ris gach seòrsa leth-bhreith gus dìon a chur air a’ chòir a th’ aig a h-uile neach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd gun tèid dèiligeadh riutha ann an dòigh chothromach.

Dh’aontaich Comataidh Phoileasaidhean is Ghoireasan Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ri seachd Builean Co-ionannachd an-diugh (14 Gearran) airson na h-ùine 2019-23, agus thathar a’ cur an cèill gu soilleir nach seas a’ Chomhairle ri leth-bhreith, sàrachadh no geur-leanmhainn a bhith a’ tachairt do neach sam bith ris a bheil a’ Chomhairle a’ dèiligeadh no leis a bheil iad ag obair – luchd-obrach no luchd-cleachdaidh nan seirbheisean.

B’ iad na Builean Co-ionannachd a chaidh aontachadh:

Luchd-obrach

  • Bheir sinn taic do ar luchd-obrach, a’ brosnachadh daoine de gach aois gu bhith a’ gabhail pàirt
  • Tha sinn a’ brosnachadh iomadachd air feadh bhuidhnean dreuchdail

Co-chonaltradh is Com-pàirt

  • Bidh sinn air piseach a thoirt air co-chonaltradh is com-pàirt le buidhnean a tha fo dhìon sònraichte

Seirbheisean

  • Bidh daoine a tha fo dhìon sònraichte a’ faireachdainn gu bheil iad a’ faighinn seirbheisean nas fheàrr
  • Gabhaidh sinn ealla ri beachdan dhaoine a tha fo dhìon sònraichte nuair a dh’atharraicheas sinn ar seirbheisean

Foghlam

  • Cha cheadaich sinn do bhurraidheachd no sàrachadh a bhith a’ tachairt do dhaoine a tha fo dhìon sònraichte
  • Thèid an t-eadar-dhealachadh eadar na h-ìrean coileanaidh ann am foghlam aig daoine a tha fo dhìon sònraichte agus daoine nach eil a lùghdachadh

Leis na Builean Co-ionannachd, thathar ag amas air cur às do leth-bhreith, sàrachadh agus geur-leanmhainn, agus co-ionannachd a chur air adhart eadar daoine aig a bheil feart a tha fo dhìon sònraichte agus daoine aig nach eil. ’S iad na feartan a tha fo dhìon sònraichte: aois, ciorram, ath-bhuileachadh gnè, pòsadh is companas catharra, leatromachd agus fòrladh màthaireil, cinneadh, creideamh no na tha neach a’ creidsinn, gnè, agus taobh gnèitheasach.

Chaidh na builean a dhealbh is ath-dhealbh às dèidh chòmhraidhean le Fòram Co-ionannachd an Luchd-obrach aig a’ Chomhairle agus co-chomhairleachadh poblach.

Thuirt an Comhairliche Rory Colville, Ceann-Poileasaidh airson Seirbheisean Corporra: “Feumaidh co-ionannachd is cothromachd a bhith an teis-meadhan gach nì a nì sinn mar ùghdarras ionadail, agus tha e cudromach gun do chuir sinn aonta ris na h-amasan is prionnsapalan seo feuch an urrainn dhuinn tomhas a dhèanamh air an adhartas a nì sinn le bhith a’ cur às do leth-bhreith. Tha na builean seo ga dhèanamh soilleir nach seas a’ Chomhairle ri leth-bhreith agus gun cùm sinn oirnn ag obair gu cruaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil Earra-Ghàidheal is Bòd na àite sgoinneil airson a h-uile duine a bhith a’ fuireach is ag obair ann.”

Cuideachd, chaidh aontachadh aig a’ Chomataidh ri dreachd ùr den Phoileasaidh airson Co-ionannachd is Iomadachd, a tha a’ dol an àite a’ phoileasaidh a chaidh aontachadh ann an 2012.

Chithear na Builean Co-ionannachd is am Poileasaidh airson Co-ionannachd is Iomadachd air làrach-lìn na Comhairle aig http://bit.ly/2DkpstW agus thèid an cur air beulaibh na làn Chomhairle a-nis airson aonta bhuapasan.

An English version of this press release is available here: /news/2019/feb/council-affirms-commitment-equality

Please answer the following about your experience using this website, not about the service you received from the organisation

Were you happy with your visit to our website today?

Thank you for your feedback