ɬ

Glèidhibh àite dhuibh fhèin aig an dàrna Cruinneachadh Gàidhlig

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ brosnachadh dhaoine gus àite a ghleidheadh aig an dàrna Cruinneachadh Gàidhlig a thèid a chumail ann an Talla a’ Chorrain san Òban, air 2 Màrt.

Tha an tachartas an-asgaidh agus tha e a’ toirt daoine còmhla gus gàirdeachas a dhèanamh ri dualchas Gàidhlig beairteach na sgìre, agus gus beachdachadh air ciamar as urrainn dhuinn cumail oirnn a’ neartachadh agus a’ toirt fàs air a’ chànan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Tha e a’ toirt cothrom do bhuidhnean coimhearsnachd is buidhnean eile agus daoine fa leth coinneachadh ri buidhnean nàiseanta agus bidh cothrom ann don a h-uile duine beachdan a thoirt seachad air ciamar as urrainn dhuinn obrachadh còmhla airson Gàidhlig a thoirt air adhart san sgìre.

Thuirt an Comhairliche Robin MacMhuirich, An Ceann-Poileasaidh airson na Gàidhlig: “Bha a’ chiad Chruinneachadh Gàidhlig air leth soirbheachail, agus tha mi fìor thoilichte gu bheil e gu bhith ann a-rithist ann an 2019. Tha an tachartas seo cho cudromach agus tha e a’ toirt cothrom math don a h-uile duine le ùidh sa Ghàidhlig beachdan is molaidhean a thoirt seachad air ciamar as urrainn dhuinn an cànan a chur am feabhas.

“Tha sinne, mar Chomhairle, air a chur romhainn nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gum mair a’ Ghàidhlig mar chànan beò is brìoghmhor thar ùine fhada ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Tha e gu buannachd a h-uile duine againn gun soirbhich leis a’ Ghàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.”

Tha e mar phàirt de Phlana Gàidhlig na Comhairle airson 2018-2022 gun tèid Cruinneachadh Gàidhlig a chumail a h-uile dà bhliadhna. Chaidh am Plana sin a dhealbh leis an amas barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith ag ionnsachadh agus a’ bruidhinn a’ chànain agus gus am feum as motha as urrainnear a dhèanamh de na buannachdan eaconamach a thig na lùib.

Thèid an Cruinneachadh Gàidhlig a chumail eadar 10.30m is 3.30f. Ged a tha e an-asgaidh a dhol ann, bu chòir do dhaoine a tha airson a dhol ann an t-àite aca a ghleidheadh aig http://tiny.cc/gaelic

Thèid an tachartas a chumail gu dà-chànanach agus bidh uidheaman-èisteachd ann do neach sam bith a tha feumach air taic le eadar-theangachadh. Tha an t-àite far am bi e làn ruigsinneach agus thèid lòn beag a thoirt seachad.

An English language version of this news release is available here: /news/2019/jan/book-your-place-second-gaelic-gathering

Please answer the following about your experience using this website, not about the service you received from the organisation

Were you happy with your visit to our website today?

Thank you for your feedback